
S iomadh fear bòidheach, ‘S an Fhraing air a' chòmhnard, Tha’n am parantan brònach Agus leòinte air an sgàth, Nach fhaic iad ri' m beò iad Gun cruinneachar iad còmhla, ‘ bi Fearchar Beag Eòghainn ‘S an dròbh a-measg chàich. Gur mòr a bha dhùil àm, Ri’d fhaicinn ‘s an dùthaich, Is gàire air do ghnùis, On dh’fhairich thu cùisean- Nach tig thu gam ionnsaigh Bhon dh’fhàillig a' chùis ort, Mo bheannachd a-null Dhan an ùir is bheil thu cnàmh. ‘Se dh’fhàg mi cho cianail, Bhi cuimhneachadh d’iomhaigh, Do ghruaidhean bha brèagha, Agus sgiamhach le càch, Nach fhaic mi gu siorraidh Air sàilleabh an dìocail, Am mòr-fhear ‘gar h-iarraidh Chuir ceudan gu bàs. Ach sguiridh an Càisear, Dha innleachdan gleusda Tha balaich ‘na dhèidh, Chuireas e ann an sàs. Nuair shuidheas na treumhan, ‘S an cinn chuir ri chèile, Bi litir ‘s a' phàipear, ‘Ga leughadh ma bhàs. Ged dh' fhàg iad an dhiochuimhn', Gun fhios dè bu chrìoch dhut, Chan fhàgar le Dia thu, Nuair dh’iarrar thu n'àird, Gun èirich le iomhaigh, Mar chunna' mi riamh thu, Bidh do nàimhdean le fiamh, A' toir fianais mu’d bhàs. Na bithinn-sa dlùth dhut Nuair thàrr iad ‘gad ionnsaigh Le gunna nach dùbailt, Is e ùr na mo làmh, Bhiodh preasadh air fùdar, Fo bheugaileid rùisgte, Mas faicinn thu rùin, Is do chùl ris an làr.
Песен-НИКИ
Загрузка...
Другие песни Karen Matheson
Все песни →Похожие песни

Бигасс
SODA LUV
Ничего личного
Русский рэп201975,445

Бандана
Платина
РНБ КЛУБ
Русский рэп201859,979

Свадебное путешествие
Александр Буйнов
Острова любви
Русская эстрада199954,906

Каспий жағалауы
Azamat
Поп200134,438

Шпилька-каблучок
Лолита
Анатомия
Русская эстрада201433,308

Девочка 2D
Dead Rave
Singles 15-17
Русский рэп201828,891

