Griogal Cridhe

Griogal Cridhe

'S iomadh oihche fhliuch is thioram
Side nan seachd sian
Gheibheadh Griogal dhomh-sa creagan
Ris an gabhainn dion
Eudail mhòir a shluaigh an Domhain
Dhòirt iad d’fhuil an dè
'S chuir iad do cheann air stob daraich
Tacan beag bho d’chrè
Obhan obhan obhan iri
Obhan iri o
Obhan obhan obhan iri
'S mor mo mhulad 's mor
B' annsa bhi le Griogal cridhe
Teàrnadh chruidh le gleann
Na le Baran Mòr na Dalach
Sioda geal mu m' cheann
Obhan obhan obhan iri
Obhan iri o
Obhan obhan obhan iri
'S mor mo mhulad 's mor
Nuair bhios mnathan òg a' bhaile
Nochd 'nan cadal sèimh
'S ann bhios mise air bruaich do lice
Bualadh mo dhà làimh
Obhan obhan obhan iri
Obhan iri o
Obhan obhan obhan iri
'S mor mo mhulad 's mor

Песен-НИКИ

Загрузка...

Другие песни Donnie Munro

Все песни →

Похожие песни