
Tha mi fo mhulad bho sheol mi A Leodhas, eilean mo ghraidh Far na dh’fhag mi comunn na h-oige Is mo chairdean uile ri tamh Cha phill rium tuilleadh gach solas 'S nach goraich bh’agam nam phaisd Mo chridhe air a lionadh le dòrainn 'S mo chomhnaidh thairis air sàl Mo chiabhag tha tana 's air liathadh O' s cian bho dh’fhag mi do bhagh Mo chridhe tha g’osnaich gad iargain Is m’iarrtas tilleadh gach la Ged 's torrach am fearann 's fo chraobhan Cha luiginn fuireach na phairt Bu mhath leam bhith trusadh nan caorach 'S an fhraoch an eilean mo ghràidh O nach robh mise far 'n iarrainn An Siadair Iarach a' tamh Far na dh’fhag mi comunn bha rianail Aoidheil, carthannach, tlath Chan iarrainn a shonas gu siorraidh Chan iarrainn solas gu brath Ach dachaigh bhith agam na chriochan Fo riaghladh na Athair na Slaint' Togaidh mi fhathast na siuil rithe Ma chaomhnas Dia rium mo shlaint' 'S gu faigh mi fom shealladh na stùcan Bha muirneach agam nam phaisd Nuair ruitheas mo laithean san t-saoghal B’e mo dhurachd faighinn ann bas 'S mo charadh an taic ri mo shìnnsir 'S a ghlìb ri creagan na h-Aird
Песен-НИКИ
Загрузка...
Другие песни Capercaillie
Все песни →Похожие песни

Бигасс
SODA LUV
Ничего личного
Русский рэп201975,446

Бандана
Платина
РНБ КЛУБ
Русский рэп201859,980

Свадебное путешествие
Александр Буйнов
Острова любви
Русская эстрада199954,906

Каспий жағалауы
Azamat
Поп200134,438

Шпилька-каблучок
Лолита
Анатомия
Русская эстрада201433,308

Девочка 2D
Dead Rave
Singles 15-17
Русский рэп201828,891



